Mar a tha deagh fhios aig luchd-bruidhinn na Gàidhlig, chuir MG ALBA agus am BBC sianal ùr air bhog, BBC ALBA, air an 19mh den t-Sultain 2008. ’S e ceum eachdraidheil a bha seo airson ar cànain agus airson gnìomhachas craolaidh na h-Alba. Mar phàirt den iomairt mhòr leasachaidh a tha a dhìth airson comas fàis a thoirt dhan t-seirbheis ùir tha MG ALBA air goireasan a stèidheachadh sna h-eileanan. Tha a’ bhileag seo ag innse dhuibh gu h-àraidh mun ghoireas a tha san Eilean Sgitheanach, ann an teis-meadhan foghlam na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig.