Sabhal Mòr Ostaig
‘S e ionad air leth a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig, a tha air sàr chliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar ionad nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig. Tha goireasan fìor mhath stèidhichte air àrainn eireachdail na Colaiste is tha e na ionad làn ghoireasan is eòlais shònraichte. Tha e air a bhith aig teis-meadhan leasachadh eaconamach na sgìre agus tha e ann an suidheachadh air leth airson coimhearsnachd is gnìomhachas na Gàidhealtachd is nan Eilean is nas fhaide air falbh a fhrithealadh.

Goireasan
- 85 seòmraichean-cadail le taigh-beag is Wi-fi
- Frithealadh do bhuidhnean corporra
- Talla co-labhairt le 190 sèithrichean
- Seòmraichean nas lugha uidheamaichte airson coinneamh, bùth-obrach is co-labhairt-bhideo
- Amharclann sa bhlàr a-muigh le 200 àite-suidhe
- Stiùideo ealain
- Àite taisbeanaidh
Uidheamachd
- Eadar-theangachadh beò
- Stiùideo clàradh fuaim
- Clàradh fuaim is bhideo
- Taisbeanadh fhilmichean
- Co-labhairt bhideo
- Àrainn Wi-fi
- Seirbheisean taic coimpiutaireachd
Làrach-lìn www.smo.uhi.ac.uk





