Stiùidio Fàs
Tha Stiùidio Fàs stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha an stiùidio air a ruith ann an co-bhanntachd ri Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig a tha a’ lìbhrigeadh chùrsaichean ann an Telebhisein agus Eòlas Meadhanan tro mheadhan na Gàidhlig.

Anns an Eilean Sgitheanach a tha air leth brèagha agus luma-làn eachdraidh, chithear seallaidhean bòidheach de bheanntan is de dh’oirthirean a tha air nochdadh sìos tro na bliadhnaichean ann an iomadh prògram ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta agus ann am mòran thaisbeanadh sanasachd cuideachd. Tha luchd-togail dhealbh agus luchd-film air an tàladh thuige air sgàth ’s an dòigh sa bheil an solas a’ sìor atharrachadh an seo agus tha na seallaidhean-tìre maiseach a tha rim faicinn ga dhèanamh na àite air leth gus sàr phrògram a chruthachadh.





